FILMALBA 2009 4mh Fèis nam Filmichean Gàidhlig sa Ghearmailt Bonn, 28 an t-Samhain - 1 an Dùbhlachd 2009 4. Schottisch-Gälisches Filmfestival in Deutschland Bonn, vom 28.11. bis zum 1.12.2009

Eröffnungsabend - Fosgladh FILMALBA 2009

19:00 Landesmuseum Bonn: An Hiortach - Der Mann aus St Kilda

Wir freuen uns, dass zur Eröffnung des Festivals Alison Lang von MG ALBA anwesend sein wird.

Tha sinn toilichte innse dhuibh, gum bi Alison Lang bho MG ALBA an làthair gus FILMALBA fhosgladh.

Bild: BBC Norman Gillis Bild: BBC Norman Gillis

 

Ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh, tha Tormod Iain Mac Gillìosa, an aon fhireannach fhathast beò a rugadh ann a Hiort, a'tilleadh le mhac air turas dhrùidhteach gu Eilean àraich. Tha am fear-ciùil ainmeil, David Allison a toirt dhuinn mìneachadh ciùil air na deilbh tasg-lannach agus na h-iomhaighean sònraichte a chaidh a thogail dhen Eilean àlainn seo.

Im "Year of Homecoming", kehrt Norman John Gillies, nach St Kilda zurück, zu der Insel, auf der er geboren wurde und die er als Kind verlassen hat. Zusammen mit seinem Sohn erlebt er bewegende Momente auf der Insel, auf der er selbst aufwuchs. Der bekannte Musiker David Allison interpretiert Archivaufnahmen von der Insel und die Reise von Vater und Sohn nach St Kilda musikalisch.

BBC 2009, 60 min. Gälisch mit englischen Untertiteln

im Anschluss/ an uair sin: Màiri Mhòr nan Òran

Alexis Daley Alexis Daley

Màiri Mhòr nan Òran - Die große Maria der Lieder

 

Sie sagte über sich selbst: "Es war das Leiden unter meiner Schande, welches die Lieder in mir lebendig machte."

Und so engagierte sie sich besonders in der Land-Kampagne gegen die Vertreibungen der Kleinbauern, den sogenannten Highland-Clearances, die in der zweiten Hälfte des 19. Jahrhunderts besonders heftig war und zum Crofters-act von 1886 führte. Viele ihrer Lieder zeichnen ein genaues Bild der Insel Skye und der Leiden ihrer Bewohner aber auch der Schönheit der Insel. 

Der Film erzählt das Leben von Mary MacPherson — Mhàiri Mhòr nan Òran — Die große Maria der Lieder. Es ist ein besonderer Film mit hinreißend schönen Landschafts-aufnahmen der Insel Skye und den Liedern gesungen von Cathy Ann MacPhee — außergewöhnlich.

Mit diesem Film wurde das erste Filmfestival FILMALBA 2003 von Simon Mackenzie, einem der Drehbuchautoren und Hauptdarsteller eröffnet. Er starb 2008 plötzlich und  unerwartet. Auf vielfachen Wunsch zeigen wir diesen wunderschönen Film zu Ehren von Simon MacKenzie.

Die Darstellerin der Màiri Mhòr, Alexis Kirkpatrick wird anwesend sein.

 

1994 Regie: John McGrath, Simon MacKenzie

Freeway Films 62 min. OmeU

 

Màiri Mhòr

Rugadh i a-rèir aithris ann an Sgèabost san eilean Sgitheananch agus thogadh i ann an Uige. Phòs i agus bha i a´ fuireach ann an Inbhir Nis ag obair ann an taigh mòr far an deach fàgail oirre gun robh i ri gadachd agus chuir i seal seachad anns a´ phrìosan air a shàilleabh.

Mar a thuirt i fhèin:

Is e na dh´fhuiling mi de thàmailt

a thug mo bhàrdachd beò.

Agus ma thug nochd i a cumhachd gu h-àraidh a thaobh srìth an fhearainn a bha cho beòthail aig an àm ud a´ tighinn suas anns an darna leth den naoidheamh linn deug agus Achd nan Croitearan ann an 1886. Tha mòran de na h-òrain aice a´ nochdadh dealbh mionaideach den Eilean agus fulangas nan daoine. 

Tha am fiolm seo ag innse beatha Mhàiri Nic a´Phearsan, boireannach ainmeil gus an latha an-diugh agus is e fiolm air leth brèagha a th´ann le dealbhan tarraingeach an eilein Sgitheanaich agus ceòl is bàrdachd Màiri air an seinn le Cathy Anna Nic a´ Phì - a-mach às an àbhaist.

Chaidh FILMALBA 2003 fhosgladh leis an fhilm seo le Sìm MacCoinnich nach maireann. Mar urram is cuimhneachadh do Shìm thèid am film a shealltainn a-rithist am bliadhna.

Bidh Alexis Kirkpatrick, a chluich Màiri Mhòr an làthair aig fosgladh FILMALBA.

 

1994, ,  Stiùiriche: John McGrath, Sìm MacCoinnich,  Companaidh: Freeway Films; 64 mionaidean, Gàidhlig le fo-thiotalan Beurla